jeudi, décembre 14, 2023

GLASGOW JEELY PIECE SONG | ÒRAN PÌOS SILIDH GHLASCHU (Text of Scottish Gaelic version)


GLASGOW JEELY PIECE SONG 
 Adam McNaughtan & Matt McGinn
____________
ÒRAN PÌOS SILIDH GHLASCHU 
Eadar-theangachadh le Fearghas MacFhionnlaigh
(Airson Joel)

– “A Mhàmaidh, Tilg pìos a-nuas!”
– “Seo dhuts a bhalaich! Ceap!”


SÈIST / CHORUS
Cha ghabh pìos a shadadh sìos
Bho fhichead làr os cionn!
Bheir seachd ceud pàiste acrach
Fianais air sin! 
Mas è ìm, no càis, no silidh,
Mas è aran lom no pan,
Droch sheans a gheibhear greim air:
Naochad ’s naoi gu h-aon!


RANN / VERSE 1
Nam phàiste sgrìobair-spèire,
Air an ochdamh ùrlar deug,
Thaobh dol a-mach a chluich,
Is mise nach tèid.
Bho thàinig sinn gu Caisteal Meilc
Is truagh mo staid
Le diathad nas lugha 
agam gach uile là.

SÈIST / CHORUS
Cha ghabh pìos a shadadh sìos
Bho fhichead làr os cionn!
Bheir seachd ceud pàiste acrach
Fianais air sin! 
Mas è ìm, no càis, no silidh,
Mas è aran lom no pan,
Droch sheans a gheibhear greim air:
Naochad ’s naoi gu h-aon!

RANN / VERSE 2
Air a’ chiad là thilg mamaidh rium
Pìos lofa hòbhas donn.
Rinn e sitheadh tron uinneig,
Gun tùirling ceann no bonn.
Ach a h-uile fichead uair ’s a seachd
Siud aiteal dheth na shoills’,
Cho spaideal ann an reul-chuairt
Mar shaideal anns an oidhch’.


SÈIST / CHORUS
Cha ghabh pìos a shadadh sìos
Bho fhichead làr os cionn!
Bheir seachd ceud pàiste acrach
Fianais air sin! 
Mas è ìm, no càis, no silidh,
Mas è aran lom no pan,
Droch sheans a gheibhear greim air:
Naochad ’s naoi gu h-aon!

RANN / VERSE 3
Air an darna là rinn màmaidh
Oidhirp eile air a’ chùis
Ach thug e sgleog do phìleat
De phlèana ìseal luath.
Ga sgròbadh far a chidhis,
Dh’èigh e sa mhicreofòn:
Fhuair Sgiath Chlì Taobh Chluaidh mi
Le pìos silidh pronn.


SÈIST / CHORUS
Cha ghabh pìos a shadadh sìos
Bho fhichead làr os cionn!
Bheir seachd ceud pàiste acrach
Fianais air sin! 
Mas è ìm, no càis, no silidh,
Mas è aran lom no pan,
Droch sheans a gheibhear greim air:
Naochad ’s naoi gu h-aon!

RANN / VERSE 4
Air an treas là shaoil màmaidh
Gum feuchadh i as ùr
Bha Còmhlan Feachd na Slàinte
A’ cluich shìos fodha.
Am priobadh na sùla
Bha ùpraid sa pharèid:
Am fear-ùmpa a’ sèideadh
Air pìos mòr marmailèid.


SÈIST / CHORUS
Cha ghabh pìos a shadadh sìos
Bho fhichead làr os cionn!
Bheir seachd ceud pàiste acrach
Fianais air sin! 
Mas è ìm, no càis, no silidh,
Mas è aran lom no pan,
Droch sheans a gheibhear greim air:
Naochad ’s naoi gu h-aon!

RANN / VERSE 5
Nis sgrìobhaidh sinn gu Oxfam
Chan fhan ar n-acras balbh.
Thèid pàistean uile Chaisteil Meilc
Nar buidheann “pìos air thalamh”.
Nì sinn mèarrs gu Ceàrnag Dheòrs’,
Dà lagh a chur air chois:
Sìos le taighean àrda!
Pìos gun dragh nar bois!

SÈIST / CHORUS
Cha ghabh pìos a shadadh sìos
Bho fhichead làr os cionn!
Bheir seachd ceud pàiste acrach
Fianais air sin! 
Mas è ìm, no càis, no silidh,
Mas è aran lom no pan,
Droch sheans a gheibhear greim air:
Naochad ’s naoi gu h-aon!
__________________________________________