1.
Spàrr iad orm gu robh togail aisling fo làimh,
Mar sin lean mi ris a’ ghràisg.
Ma bha treabhadh a dhìth, no giùlan airm,
Bha mi daonnan le smior dol an sàs.
2.
Spàrr iad orm gu robh togail aisling fo làimh,
Le sìth is glòir tighinn na chois;
Dè fàth loidhne fada air sgàth
pìos arain nam bhois?
3.
Is mis’ a thog rathad-iarainn, a thug air ruith,
A rinn e rèis an aghaidh tìm,
Is mis’ a thog rathad-iarainn. Nis tha mi brist.
A bhràthair, dìreach bonn a sia?
4.
Is mis’ a thog tùr àrd, suas dhan ghrèin,
Breice, drithlean is bìth.
Is mis’ a thog tùr àrd. Nis air an dèirc.
A bhràthair, dìreach bonn a sia?
5.
Uair le culaidh-airm, cho spaideil sa ghabhas!
A’ spailpeadh làn iàncaidh-dùdlaidh-dum,
Leth-mhillean bòtann tron ifrinn ri spàirn;
Mi-fhìn nam ghille an druma!
6.
Saoil nach eil cuimhnead, ghabh iad orm Al?
B’ e Al fad an t-siubhail.
Dè fàth do dhearmaid, mo charaid-catha?
A bhràthair, dìreach bonn a sia?
(Fearghas MacFhionnlaigh, 12 Sept 2023)
__________________________________________
SEE ALSO -
GLASGOW JEELY PIECE SONG / ÒRAN PÌOS SILIDH GHLASCHU
(Dvorak) SONG TO THE MOON / ÒRAN DHAN GHEALAICH
BROTHER CAN YOU SPARE A DIME? / A BHRÀTHAIR, DÌREACH BONN A SIA?
(Pink Floyd) RED VIBURNUM / CÈIR-ÌOCLAN DEARG
REMEMBER ME MY DEIR / CÙM CUIMHNE ORM MO GHRÀIDH
(Billie Holiday) STRANGE FRUIT / MEAS NEÒNACH
(Audioslave) I AM THE HIGHWAY / IS MIS’ AN RATHAD MÒR
____________________________________________