mercredi, janvier 27, 2016

Hollandsche Schouwburg (Dàn Gàidhlig)

HOLLANDSCHE SCHOUWBURG
le Fearghas MacFhionnlaigh

Tha an dàn goirid a leanas air balla togalaich ann an Amsterdam -

"Jodenvervolging
in Amsterdam 1940-45

thuis sluipend ingesloten
angstig in de nacht verwacht
door soldaten opgebracht
gevangen in de val

Hollandsche Schouwburg
duistere verzamelplaats
halte voor een dag

de tram
de trein
na Westerbork
het dodende
oosten"

("Geur-leanmhainn nan Iùdhach
ann an Amsterdam 1940-45

aig an taigh, a' cruinneachadh fa leth
fo iomagain a' caithris na h-oidhche
air thrusadh le saighdearan
an sàs ann an ribe

Hollandsche Schouwburg
ionad-tionail cràiteach
stad là

an tràma
an trèana
do Uesterborc
do àird an ear
a' bhàis")

---
Tha an teacsa-Bìobaill seo air càrn-cuimhne ann an Amsterdam -

"Waren mijn ogen een bron van tranen dan zou ik wenen dag en nacht om de gevallen strijders van mijn dierbaar volk." -naar Jer. 8:23

("Och, nach bu tobar dheur mo shùilean, a-chum gun guilinn a là agus a dh'oidhche airson muinntir mharbhte mo shluaigh!" - Ier. 9:1)

---
Mo chuid bàrdachd "HOLLANDSCHE SHOUWBURG" -

1)
Amsterdam.
Plantage Middenlaan.
Dàn sgrìobhte air togalach.

Hollandsche Schouwburg.
Stèisean-rèile Nàsach.
Seòmar-fèithimh Iùdhach.

O chionn dà là, bathais ri glainne,
thug mi sùil tron doras ghlaiste seo
ri seòmar lom cloiche,

's tron bhalla-glainne ud a-staigh,
ri cùirt de choncrait is chlachan-crèadha,
le bior-charragh dhubh

mar dhroigheann chàrn-chuimhneil,
daingeann, saoilidh mi, ann an slighe
jac-bòtannach Tìme.

Tearbte fad dà bhalla geala,
tiuilipean cràdhearga plosgail
mar bhuillean-cridhe san t-sneachd.

Danns uaine gach duilleig is cuiseig
stocainnte a-nis nam buan-riochd
bho chaidh cuisle a' chiùil a gheàrradh.

An cois gach luibh, aon duilleag
de phàipear geal, cho tuarach
ri bàirlinn chrathte.

‘S ri fianais bhalbh bhon làr luathchiar,
teanga fhileanta orains a loisgeas
à bilean fuara de stàilinn loinneir.

2)
Thòisich mi air an dàn a bhreacadh sìos,
ach mas robh mi ullamh
siod clachan meallain troma orm.

Chaidh mo pheann
na chuisle reòthte nam làimh,
'fhuil mheilichte gun chomas

deargadh fòs a dhèanamh
air duilleig bhàin
mo ghlaic gheamhrail.

3)
Ach cha b'e an dèigh ud idir
as mò chuir stad orm,
ach grian thlàth na maidne seo,

oir le blàth iargalta na soillse
air a' chlàr ghlainne ud a-staigh,

chì mi m’aogas fhìn am follais

fo chàrn na aonar sa chùirt ud,
a' dùr-amharc orm, a' sgrùdadh m'anama
le sùilean Iùdhach Dia-dhorcha.

(Amsterdam, Màrt-Giblean 1996)
Fearghas MacFhionnlaigh