le Neil Cullan McKinlay (Briosban, Astràilia)
Thog an Tighearna A shlat-orcastra, mar gum biodh, gus smèideadh-tòiseachaidh a thoirt do chòisir aoibhneach nan ainglean 's Esan an impis clach-oisne na Talmhainn a leagail air seachdainn a' chruthachaidh (Iob 38:6&7). Ann an ùine gun a bhith fada chaidh eunlaith nan speur agus creutairean mòra na mara a thoirt a-steach dhan cho-sheirm haleluia a bha seo (Gen. 1:21-23; Salm 148:7). A' toirt fa-near gur e "an còigeamh là" a thuirt cleaf an staf Aige, chleachd iad an sgèile pheantatònach. An uair sin air an t-siathamh là dh'fhoillsich an Tighearna A phrìomh-òranaiche: Mac-an-duine. Fhads a sheinn na h-ainglean air nèamh, na h-eòin sna speuran, agus na mucan-mara sa chuan, air an dòigh cheudna siod an duine a' seinn gu glòir Dhè bho àrd-ùrlar na talmhainn tioram. "Molaidh T' obraichean uile T' ainm air thalamh, san speur, air muir" (Reginald Heber).
A dh'aithghearr, chaidh clàrsaichean is pìoban a shnàigheadh gus compàirt-ciùil a dhèanamh (Gen. 4:21). Ach, mar a thachair e, ghèill srath-spè, sige, agus ridhle na consairt sa phàirc ro chumha a' chiùil mhòir air a' mhòintich: Soraidh Slàn le Eden. Oir dh'iarr mac an duine an spot-sholas air fhèin seach air an Tighearna, 's A chuid glòir a ghoid. Mar sin thug an duine ràcaireachd is dì-chòrdadh a-steach air òran cruitheachd Dhè. Air a' cheann thall ruith deòir mhì-thoileachais sìos bho A shùilean gus aghaidh na talmhainn a chòmhdachadh (Gen. 7:19; Salm, 119:136).
Air do na h-uisgeachan a thraoghadh, thog Nòah 's a theaghlach orra a-mach às an àirc a dh'ath-thuineachadh na talmhainn, a bha tioram agus fàs a-nis. Ach fhathast dhiùlt an duine compàirt a ghabhail leis a' chruitheachd uile gus cliù Dhè a sheinn! Agus air shàilleabh seo, "Làimh ri aibhnichean Bhàbiloin, an sin shuidh agus ghuil sinn, nuair a chuimhnich sinn air Sion. Air na croinn-seilich na meadhon, chroch sinn ar clàrsaichean... Cionnas a sheinneas sinn laoidh an Tighearna ann an tìr choimhich?" (Salm 137:1&4).
Ach is gràsmhor an Stiùiriche-ciùil Mòr. Thog e a-rithist "A shlat agus A lorg", an turas seo gus comhfhurtachd a thoirt dhuinn. Thog E A ghuth, "os cionn nan uisgeachan; rinn Dia na glòire tàirneanaich" gus fois a thoirt dha na h-uisgeachan buaireasach, air bhoil (Salm 29:3; Isa. 54:9; Marcas 4:39; Taisb. 14:2). Treòraichidh E a-nis sinn làimh ri uisgeachan ciùine. Aisigidh E ar n-anam (Salm 23:2&3). Agus cuiridh E òran nuadh nar cridheachan, òran ar slàinte (Taisb. 14:2&3).
Air A èideadh ann am fallaing feòla daonna, sheinn an Logos, is e sin, Dia am Mac, laoidh maille ri A dheisciobail (Eòin 1:14; Marcas 14:26). An uair sin, ach an tèarnadh E sinn bho ar peacaidhean, cheadaich E E fhèin gu bhith crochte air craoibh, coltach ri clàrsach air crann-seilich nan deur (1 Pead. 2:24). An sin chaidh A dhòirteadh a-mach mar uisge (Salm 22:14). An dèidh sin thill E bho na mairbh airson encore goirid (1 Cor. 15:1-8) dìreach mus deach E suas gu nèamh (Gnìomh. 1:9-11). Seinneamaid uile, ma-tà, A chliù iongantach. Oir thug E buaidh air a' bhàs às ar leth. “Moladh gach nì anns a bheil anail an Tighearna” Salm 150:6.
"Canaibh don Tighearna laoidh nuadh! Canaibh don Tighearna, a thìrean uile. Canaibh don Tighearna, beannaichibh A ainm; foillsichibh o là gu là A shlàinte. Cuiribh an cèill am measg nan cinneach A ghlòir, am measg gach sluaigh A iongantas-san" Salm 96:1-3.
________________________