vendredi, mars 21, 2014

Ernesto Sábato: Call Pearsantachd an Duine (1)

CALL PEARSANTACHD AN DUINE (1)
le Ernesto Sábato
(Earrann eadar-theangaichte às an leabhar 'El Escritor y Sus Fantasmas')

[2]  [3]  [4]
     Ré an ama a sgrùd mi na saidheansan fiosaigo-mhatamataigeach, ghabh mi ùidh air leth anns a' phearsa dhorch Leonardo, oir b'e mo bheachd fhèin gun robh mi faicinn san t-sàr-ghin seo, le dà-sheaghachas annasach, sracadh ud an duine a chuireas roimhe a bhith togail air a-mach às an dorchadas chun an t-solais, à saoghal oidhcheil nan aislingean gu domhan nan smuaintean soilleir, à meatafiosaigeachd gu fiosaigeachd. Thug dràma an duine seo orm rannsachadh a dhèanamh air bun-stèidhean saidheans posataibheach na h-Eadailte, agus mar sin fhuair mi a-mach gur ann ri linn nam bun-stèidhean seo a thàinig am follais an clas malairteach anns na bailtean mòra: dh' èirich an t-airgead is an reusan còmhla leis an aon spionnadh, is iad a' suidheachadh nan stèidh air an rachadh  ri tìde an saoghal uimhreachail a thogail a tha an dràsta a' tuiteam am broinn a chèile fa chomhair ar sùilean.

     Air feadh nam bliadhnachan a dh'fhiosraich mi an saoghal matamataigeach thug mi fa-near a structairean-inntinn as ion-mholta: teòirig na dàimheachd, an teòirig cuàntamach. Ach bhuail e orm air a' cheann thall gun robh na togailean seo a cheart cho ionmholta 's a bha iad easchruthach, agus bha iad gun fheum sam bith ann a bhith a' fuasgladh nan imcheistean bitheil as doimhne. Mar sin thàinig e thugam gum bu chòir dhan duine tionndadh ris an t-seòrsa nitheileachd sin a bha ri fhaotainn ann an dòigh eisimpleirich anns an ealain. Cha ruigear a leas a ràdh nach robh mi cumail a-mach gun d'amais mi air iuchair ceist mhòr ar linn. Bha mi a' fulang nam fheòil fhèin geurachd an t-saoghail dhì-phearsanaichte bheachdail sin a thug an saidheans nuadh gu cinneas. Agus san dearbh shaidheans a bha sin, siod againn a pharadaim as àirde agus as mealltaiche. 


      Bha an pròiseas-smaoinichidh pearsanta seo fo làn sheòl fhads a  bha cosnadh agam san Obair-lann Curie. Air tilleadh dhomh dhan Airgintin thòisich mi air seòrsa de chunntas dhem fhiosrachaidhean spioradail a sgrìobhadh, ga fhoillseachadh  ann an 1945 e fon tiodal "Uno y el Universo" ("Aon agus an Domhan"); leabhrachan air am bi cuimhne agam an-dràsta le ìoronas bàidheil, oir chì mi na mhair fhathast nam mhothachadh dhen domhan ud a bha mi airson diùltadh. Ach is iad na bras-shruthan a ghluaiseas fon mhothachadh as taisbeanaiche, agus aig a' cheart àm a sgrìobh mi an stuth caran da-sheaghail a bha sin, thòisich am fìor ar-a-mach ann an nobhail fon tiodal "La Fuente Muda" ("Am Fuaran Balbh"). Dh'fhuirich an t-uirsgeul seo neo-chrìochnaichte agus cha do dh'fhoillsich mi ach caibideil no dhà iomadh bliadhna às dèidh sin: ach thigeadh a shìol fo bhlàth ann an "El Túnel" ("An Tunail") agus air a' cheann thall ann an "Sobre Héroes y Tumbas" ("Mu Laoich is Tuaman"). Gidheadh chùm mo bheò-ghlacaidhean orra a' toirt ionnsaigh air a' mhothachadh ann an dòigh nas follaisiche cuideachd. Chaidh seo a chur an cèill gu h-àraidh ann an "Hombres y Engranajes" ("Daoine is Gèaraichean"). Rinn mi oidhirp san aiste seo airson a' chiad turas mìneachadh a thoirt air dràma an duine a nì spàirn san domhan easchruthach, agus cuideachd air dè as ciall dhan ealain mar ar-a-mach is mar eacsprèisean. Bha seo, a-rithist fhathast, na oidhirp air ceistean a bha a' cur dragh orm a mhìneachadh dhomhsa fhèin. Oidhirp air mo ruathar fhèin air an t-saidheans a rannsachadh. Agus air mo theicheadh no mo chath-threigsinn gu ruige Mòr-roinn (dhoilleir theagmhach) litreachas na nobhaile. 

     Ag ath-leughadh an-dràsta an leabhair seo, air a dhiùlt mi ath-dheasachadh as dèidh an dara eagrain is mi a' creidsinn gu robh e dìreach tuilleadh 's neo-fhoirfe, saoilidh mi gu bheil rud beag dhen fhìrinn ann agus mòran dhen ròlaist. Is dòcha an cois an aomaidh dho-leigheis sin nam nàdar a ghiùlanas mi tòrr nas fhaide na rachainn nan robh mi riaraichte ri beachd-smuaintean loma fìor-ghlan. A-nis ma-tà tha mi a' cur romham na bha ceart agam san aiste ud a theasairginn. Is e sin am bun-bheachd gur e ar-a-mach mhic an duine an aghaidh domhain eas-chruthaich a th' ann an ealain an là 'n-diugh. A' rùsgadh dhen aiste gach nì iomarcach, tha mi ga foillseachadh a-nis anns an t-seòrsa diagram no mapa a tha seo, air am bi mi an uair sin a' cluich  sreath de atharrachaidhean.
_______________________