dimanche, novembre 13, 2011

"Buidhnean-Creidimh?": Còig Smaointean Rèidio


Sherpa
Còig smaointean-maidne a chaidh a chraoladh air Rèidio nan Gàidheal -

1: “Nua-Chainnt” Orwell

Madainn math.
     Saoil an do leugh thu riamh an leabhar “1984” le Seòras Orwell? Leabhar air leth cudromach a th'ann. Is e sgeul a th'ann mu dhùthaich a tha fo spòig riaghaltais aintighearnail. Riaghaltais uile-chumhachdaich. Tha dòigh gu math seòlta aig an riaghaltas smachd a chùmail air an t-sluagh. Is e sin tro bhith a' sìor chur às do fhaclan a tha buntainn ri saorsa poilitigeach agus tro bhith ag atharrachadh ciall fhaclan eile. "Newspeak" a chanas iad ris. "Nua-chainnt".  
     Mar bhall-sampaill tha Orwell a' toirt tarraing air an fhacal "saor" fhèin. Chaidh am facal seo fhàgail san fhaclair Newspeak, ach bha ciall tòrr nas cumhainge air a thoirt ris. Dh'fhaodadh daoine cantainn, mar eisimpleir, gu robh an cù aca "saor" bho dheargannan, ach cha robh ciall phoilitigeach aig an fhacal tuilleadh. Cha tigeadh e an inntinn dhaoine gu robh a leithid a rud ri saorsa poilitigeach ann, bho nach robh fiùs facal ann a-nis a dhùisgeadh an smaoin sin.
     Nise, tha fhios nach eil cùisean nar là a cheart cho dona ri sin fhathast, ach nam bheachdsa tha rudeigin caran coltach ri "Nua-chainnt" gar cuingealachadh. Is e cainnt "PC" a chanas sinn ris.
     An t-seachdainnsa bu toigh leam sùil nas doimhne a thoirt air seo. Dè an smaoin a tha air chùl an abairt ùr "Faith Group" (“Buidheann Creidimh”), mar eisimpleir?
     Ach cuimhnicheamaid gu bheil aon dòigh shìmplidh ann gus a bhith cur an aghaidh cuingealachadh ar cainnt 's ar smaoin: is e sin tro bhith cumail Gàidhlig beò mar roghainn eile againn seach a' Bheurla.
     Agus cuimhnicheamaid gu seachd àraid air Facal Dhè. Sin an acarsaid dha-rìribh againn. Mar a thuirt Crìosd:

"Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a-chaoidh"

Beannachd leibh.


2. “Math” agus “Tròcair”

Madainn math.
     An-dè dh'ainmich sinn an leabhar 1984 le Seòras Orwell, agus an comas a thug smachd-cainnt, no "Newspeak", dhan Riaghaltas smaointean an t-sluaigh a stiùireadh. Mar Chìobair is coin a' stiùireadh chaorach.
     Nar beatha sòisealta a-nis tha Lagh na Dùthcha gar stiùireadh a-thaobh dè na faclan a tha iomchaidh, no "Politically correct".
     Tha cuid a dh'fhaclan nach eil ceadaichte. A-bharrachd air sin, getà, tha cuid a dh'fhaclan a tha ceadaichte ach tha ciall ùr aca a-nis. Na faclan "Faith Group" mar eisimpleir. Dè seòrsa rud tha sin?
     Nuair a bhàsaich ar cù-collaidh o-chionn dà bhliadhna, bha sinn gu math brònach mu dhèidhinn. Bha ar nighean na h-Oileanach aig an àm ud sa Cholaiste Chrìostaidh Eadar-Nàiseanta ann an Glaschu. Madainn a bha seo aig coinneamh-ùrnaigh is ann a-mach air Salm 23 a bha an neach-labhairt:

"Is e an Tighearna mo Bhuachaille, cha bhi mi ann an dith...Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha".

     Thug e cofhurtachd dha-rìribh dhar nighinn nuair a thuirt a' bhan-labhraiche gu robh i gu tric a' smaointinn air "Math" agus "Tròcair" mar dhà chù-chaorach aig sàilean Dhè am Buachaille.
     Nise, ma tha am Buachaille Math anns a' mhonadh, feumaidh Criosdaidhean deagh aire a thoirt gu bheil Cìobair-brèige ann cuideachd, agus dà chù aigesan fhèin: Is e "Mealladh" agus "Magadh" na h-ainmean a th'orra. Tha an dà mhadadh-allaidh seo a' saodachadh Chrìosdaidhean a steach dhan fhaing ùr seo ris an abrar "Faith-Group". Dè tha cur dragh orm mu dhèidhinn seo? Feumaidh tu èisteachd a-màireach.
Beannachd Leibh.


3. Turas air Bàta Aonghais
 
Madainn mhath.
     Chan ann tric a bhios mi air bàta, ach tha e còrdadh rium gu mòr nuair a gheibh mi cothrom. Tha caraid agam, Aonghas, leis a bheil bàta brèagh. Feasgar a bha seo mios air ais thug Aonghas cuireadh dhomhsa, còmhla ri sianar no seachdnar eile, cuairt a ghabhail, mach a Cala Inbhir Nis, fo dhrochaid àrd Cheasaig, seachad air Gearasdan Sheòrais, timcheall a' chosta dhan àird a tuath taobh Chrombaidh.
     Bha mi air mo dhòigh glan. Creagan ruadha agus achaidhean glasa an Eilein Dhuibh. A' Chuan a Tuath thar fàire. Frasan aotram nam aodann. Eunlaith na mara, sgairbh agus lachain agus faoileagan.
     Bha buaidh mhòr aig farsaingeachd na mara orm. Ach an rud as mò buileach a chòrd rium, nam sheasamh nam aonar air fior thoiseach a' bhàta agus dà leumadair-mara (dolphins) gu h-obann dìreach fodham mar dhà einnsean gleansach Rolls Royce far itealan.
     Dhrùidh an tachartas seo cho mòr orm is gu robh na deòir nam shùilean 's bha mi toirt taing do Dhia. Is e duine th'annam a churas seachad cus ùine am broinn mo chinn an sàs nam chuid smaointean, seach a bhith a-muigh mar seo sna h-eilimidean.
     Ceist na seachdainnsa a-rithist, ma-thà: dè an ribe a tha ceilte anns na faclan fàsanta ùra: "Faith Group"? "Buidheann Creidimh"? Is e gu bheil iad freumhaichte ann an sgaradh eadar Creidimh agus Saidheans. Ciamar? Well, tha Creideamh ga mhìneachadh a-nis mar rud a tha gu tur am broinn ceann nan dìlseach. Saidheans mar rud taobh a-muigh ar cinn, a buntainn ris na creutairean, na lusan, na h-eilimidean, na reultan.
     Ach canaidh an Salmadair: "is leis an Tighearna an talamh agus a làn, an dòmhan agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann". (Salm 24:1).
     Agus canaidh Habacuc: "Gu cinnteach lionar an talamh le eòlas glòir an Tighearna, mar a tha na h-uisgeachan a' comhdachadh na fairge". (Hab. 2:14)
Beannach Leibh.


4. Sgàthan Kant is Sgàthan Sheumais

Madainn mhath.
     Am bi thu toirt sùil air sgàthan mus tèid thu a-mach sa mhadainn?  Chan eil an sgàthan breugach, canaidh cuid. Ach dè nam biodh faileas an sgàthain ag atharrachadh a rèir dè am fonn a bha ort?
     Bha am feallsanach Immanuel Kant dhen bheachd gu bheil an saoghal timcheall oirnn caran coltach ri sin. Reusan mhic-an-duine a' cur rian is riaghailt air stuth amh tro-a-chèile an t-saoghail nàdarra.
     Tha an t-abstol Seumas ag innse dhuinn gur e sgàthan th'anns a' Bhìoball, agus gum bu chòir dhuinn dlùth-aire a thoirt dhan sgàthan a tha seo:

     "Oir ma tha neach air bith na fhear-èisteachd an fhacail, agus chan ann na fhear-dèanamh da rèir, is cosmhail e ri duine a tha ag amharc air a aghaidh nàdarra fhèin ann an sgàthan: Oir bheachdaich e air fhèin, agus dh'imich e roimhe, agus dhìochuimhnich e air ball ciod an coslas duine a bha ann fhèin" (Seumas 1:23, 24).

     Saoil am bi sgàthan Sheumais, sgàthan an Sgriobtair, ag atharrachadh fo bhuaidh ar smaointean? Is e ceist mhòr ar là a tha sin. Ceist iar-mhodranach (post-modernist).
     Ach seo againn cnag na cùise. Mur eil sgàthan a' Bhìobaill a' dèanamh càil ach ar beachdan a shealltainn air ais dhuinn, dè am feum a th'ann? Chan eil e gu feum sam bith.
     Tha e soilleir gu bheil Seumas a' dìonadh làn ùghdarras a' Bhìobaill.
     Am bi thu toirt sùil air sgàthan sa mhadainn? Cuimhnich sgàthan Sheumais, matà. Is fheàirrde sinn a bhith gabhail ealla ri na chì sinn ann. Chan eil e breugach.
Beannachd Leibh.


5. Feansa-dealain Kant is Gould

Madainn Mhath
     Thogadh mi ann an Canada. Taobh a-muigh Toronto. A' tilleadh dhachaidh thar na h-achaidhean as dèidh na sgoile bhiodh cleas aig na balaich uaireannan a-thaobh feansaichean-dealain. Cleas a bha èibhinn, ged nach robh e glic. Sheasadh ceathrar no còignear againn ann an sreath 's grèim againn air làmhan càch a-chèile. Gu h-obann dhèanadh am balach ri taobh a' feansa gramachadh teann air an uèir-dealain. Is e an rud an còmhnaidh a thug glag-ghàire oirnn gum biodh am balach bochd a thachair a bhith aig ceann eile na sreath a' leigeil eubh às agus a' leum le seoc.
     An dè thug sinn iomradh air an fheallsanach Ghearmailteach Immanuel Kant. Tha buinteanas aig Kant ri Alba. Bha seanair Albannach aige. Agus bha Kant a' feuchainn ri sceipteachas an fheallsanaich Albannaich Daibhidh Hume a fhreagairt.
     Is an dileab as mò a dh'fhag Kant sgaradh bunaiteach eadar saidheans agus creidimh - "the fact/ value distinction". Thog e mar gum biodh feansa-dealain eatorra.
     Rinn Stephen J. Gould, am bith-eòlaiche Darwineach ainmeil nach maireann, neartachadh air a' feansa seo. Dh'fhaodadh saidheans agus cràbhachd a bhith nan deagh nàbaidhean cho fads a thug iad an aire dhan fheansa.
     Rud nach tug. Is fhada bhon a thòisich saidheins air a' feansa a leagail. Chan eil Richard Dawkins, mar eisimpleir, a' faicinn àite sam bith ann do chràbhachd.
     Ach chan eil cead-dealbhachaidh ri fhaighinn san Sgriobtar fhèin dhan fheansa seo. Tha faclan an t-Salmadair fìor a-thaobh Saidheins cuideachd:
"Mura tog an Tighearna an taigh, gu dìomhain saothraichidh a luchd-togail."
     Tha Crìosd a' leagail a h-uile feansa a sheasas na aghaidh. Mar a thuirt Abraham Kuyper:
     'Chan eil aon òirleach ann an saoghal mhic-an-duine a-thaobh nach can Crìosd: "Is Leamsa e!"'.            

Beannachd Leibh.
__________________________________________________________