dimanche, novembre 22, 2009

Smuaintean air Còig Filmichean

(Craolte mar "Smuain na Maidne" air Rèidio nan Gàidheal ann an 2007)
1. Solas Grèine


     Bha mi coimhead ri DVD ùr o chionn greis air a bheil an t-ainm "Sunshine". Tha a' film suidhichte san àm ri teachd. Tha a' ghrian a' dol bàs, agus mac-an-duine an impis dol à bith. Ann an oidhirp an dàn seo atharrachadh togaidh ochdnar laoch orra ann an soitheach-fànais. Air bòrd tha boma niùclasach cho mòr sa ghabhas. Is e am misean aca am boma seo a' sprèadhadh am broinn na grèine gus a toirt beò a-rithist agus an cinne-daonna a shàbhaladh. Is e luchd-saidheans gaisgeil reusanta a th'anns a' chriù. Ach mo thruaighe, nach ann a nochdas nam measg duine bho shoitheach-fànais eile. Tha esan às a chiall buileach. "Fad seachd bliadhna tha Dia air a bhith labhairt rium", ars esan, "Agus tha e ag iarraidh orm sibh uile a thoirt a dh'ifrinn!"
     Nach ann nas trice 's nas trice a tha plota mar seo a' nochdadh ann a' filmichean an là 'n diugh. Cràbhaiche an riochd amadain air chuthach, a' cur an aghaidh luchd-saidheins chiallaich 's iadsan a' dèanamh an dìcheall gus an saoghal againn a shàbhaladh. Cluinnear mac-talla an seo de sheasamh Richard Dawkins. Ach gu dearbh chan eil Dawkins na aonar.     
     Nach ann againne a-rèiste mar Chrìosdaidhean a tha obair mhòr a dhèanamh gus Crìosd a thogail air beulaibh a' mhòr-shluaigh mar fhìor bhunait saidheins agus reusantachd. 
     An cois seo, cuimhnicheamaid gur e samhla de Chrìosd a th'anns a' Ghrèin fhèin. Mar a chanas an Salmadair ri Dia "Agadsa tha tobar na beatha; annad sholas-sa chì sinne solas." (Salm 36:9)

2. Sàbhaladh an t-Saighdeir Ó Riain

     Gun teagamh sam bith, is e "Saving Private Ryan" fear de na filmichean as treise nar là. Tha e tachairt aig àm an Darna Chogaidh Mhòir, a' fosgladh le cladaichean Normandi, 's an sgrios do-chreidsinn a thachair do fheachdan nam bàtaichean-grùnnachaidh. 
     An uairsin tha an sgeul a' tionndadh gu cor aon duine gu h-àraid. Bha ceathrar bhràithrean Aimearaganach nan saighdearan san Eòrpa. Chaochail triùir dhiubh. Mar bu nòs dha Riaghaltas Aimearaga sa leithid de shuidheachadh, chaidh òrdagh a thoirt seachad am bràthair mu dheireadh a thoirt dhachaidh cho luath sa ghabhas, gus nach biodh doilgheas thar tomhais buileach aig na pàrantan bochda. Mar sin, chaidh ochdnar shaighdearan an tòir air Private Ryan gus a thoirt a-mach à cunnart. Rinn iad a' chùis, ach bhàsaich a' mhòr-chuid dhiubh san oidhirp. 
     Aig tòiseach a' film tha an càmara a' leantainn air bodach a tha seo. Is e Private Ryan a th'ann nuair a tha e aost. Tha e air tilleadh a dh' Eòrpa a thadhal air cladh nan saighdearan Aimearaganach. Tha mìltean thar mhìltean de chroisean geala fa a chomhair, cho fada 's a chì sùil. Ach tha am bodach a' lorg aon dhiubh gu sònraichte, crois an oifigeir ud a thug a bheatha seachad gus esan fhèin a shàbhaladh gu pearsanta. Nuair mu dheireadh thall a lorgas e e, siod e a' tuiteam sa bhad air a ghlùinean le deòir na shùilean.  
     Gu dearbha, fhuair iomadach neach bàs air ar son-ne ann an cogadh. Gidheadh is ann aig bonn aon chrois gu sònraichte a bu chòir dhuinn uile a bhith tuiteam air ar glùinean le deòir - is e sin aig bonn crann-ceusaidh a' Chrìosd a fhuair bàs airson gach neach againn gu pearsanta. 
3. Am Mèatraigs

     Is iad filmichean comasach a th'anns na trì filmichean Matrix, gu h-àraid a' chiad fhear. Coltach ris na filmichean Terminator, tha cogadh ann eadar mac-an-duine agus innealra. Chanainn-sa fhèin gur e parabal a tha seo mun sgaradh am broinn dhaonnachais (no humanism). Comhstrì a thig am follais bho àm gu àm eadar lagh meicniceach saidheins agus pearsantachd an duine.
     Sa Mhèatraigs, tha teicneòlas fèin-fhiosrach air an saoghal a ghabhail os làimh. Tha a' chuid as mò de dhaoine air an cumail nan suain am broinn plaosgan fa leth, mar sheòrsa de bhataraidhean bhom faighear lùths. Tha na truaghain seo uile a' bruadar an aon saibear-aisling, mar gum biodh. Tha iad a' creidsinn gu bheil iad tighinn beò ann an saoghal cofhurtail, ach tha sgaradh buileach ann eadar an cuid smaointean agus fìrinn na cùise. Tha cuideachd mion-chuid de dhaoine air fhàgail a tha saor dha-rìribh agus fiosrach air na tha tachairt. Ach tha na h-innealan a' toirt ionnsaigh fhiadhaich air an tèarmann aca - baile ris an abrar Sion - adhlaichte fada shìos am broinn na talmhainn. Chan eil na daoine làidir gu leòr gus iad fhèin a shàbhaladh. Tha an gaisgeach "Neo" a' nochdadh. Air a' cheann thall bàsachaidh Neo mar sheòrsa de ìobairt gus sìth agus rèite a stèidheachadh eadar innealra agus daoine.
     Tha fhios gun deach iasad a ghabhail bhon Bhìoball an seo. Agus gu dearbha tha sin glic gu leòr. Is e sin an t-àite dham bu chòir dhuinn uile a bhith tionndadh ri linn sgaraidhean ar beatha. Ach chì sinn na bhroinn gur ann an cois ìobairt Chrìosd a-mhàin a thig rèite sa chosmas, agus fuasgladh bho gach aisling-brèige is feallsanachd-brèige. 


4. Seabhag Dhubh Shìos


     Tha am film "Black Hawk Down" a' buntainn ri tachartas ann an 1993. Bha mì-riaghailt uamhasach ann am Mogadishu, prìomh bhaile Shomalia. Bha ceannardan an-iochdmhor a' goid biadh a' UN agus a' loisgeadh air a' phobaill acraich.
     Chaidh heileacoptair-cogaidh Aimearaganach a leagail taobh a-staigh a' bhaile. Chaidh an criù a chuairteachadh sa bhad le milisidhean nàimhdeil. Ged a thàinig dithis shaighdearan eile gus an cuideachadh, chaochail a h-uile Aimeireaganach, ach aon phaidhleat. Chaidh dona gu miosa gus an robh ceud saighdear an sàs ann am blàr cruaidh am meadhon a' bhaile. Air a' cheann thall chaidh am feachd Aimearaganach a theasairginn le carbadan armaichte ris an canar "humbies". Ach cha robh rùm gu leòr am broinn na humbies dhan a h-uile duine, agus b'fheudar do chuid de na saighdearan ruith an cois nan carbadan. 
     Tha an earrann mu dheireadh seo dhen film air leth cumhachdach. Chì sinn na saighdearan òga claoidhte a' ruith tro cheò tiugh na maidne, 's an nàimhdean a' loisgeadh orra. A' tuisleadh, ag èiridh, 's a' togail orra a-rithist. Air falbh bhon ifrinn ud air an cùlaibh. A dh'ionnsaidh an tèarmann fa an comhair.
     Ar leamsa gur e samhla de Chrìosdaidhean a tha seo. A' ruith bhon ifrinn air an cùlaibh. Uaireannan a' tuisleadh sa cheò. Nàimhdean gu tric a' loisgeadh orra. Ach iad a' sìor èiridh 's a' togail orra. A dh'ionnsaidh an tèarmainn. A' dh'ionnsaidh Chrìosd. A chanas dhan a h-uile neach: "Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm uallaich, agus bheir Mise suaimhneas dhuibh." 


5. An Lann-Ruitheadair


     Is tric a chluinneas sinn sna làithean-sa mu DNA, mun chòd ginteil, agus mu chomas saidheins feartan chloinne atharrachadh mus tèid am breith. Anns a' film BLADE RUNNER, tha an sgil seo aig ìre 's gun gabh daoine-fuadain a tha nas comasaiche na daoine nàdarra a chruthachadh.
     Gus mac-an-duine a dhìonadh, bidh na fuadanaich (no replicants) seo ag obair air planaidean eile, gun chead aca a bhith air an Talamh idir. Cuideachd, cha mhair iad beò ach ceithir bliadhnachan. Ach nì grunnan dhiubh ceannairc agus thig iad chun na Talmhainn, gus an t-eòlaiche-saidheins a chruthaich iad a lorg, feuch an gabh am beatha a leudachadh. Cha ghabh. Ann am briseadh-dùil, marbhaidh iad an cruithear.
     Feumaidh Harrison Ford - am Blade Runner - cur às dhaibh. Rud a nì e, ach fear dhiubh (air a chluich le Rutger Hauer). Aig an deireadh, tha sabaid air mullach togalaich àird ann an dìle bhàite. Tha Ford gus tuiteam. Gun dùil tha am fuadanach Hauer ga shàbhaladh. Tha a bhàs prògramaichte fhèin dlùth, ge-tà, 's làn fhios aige air. "Chunnaic mi nithean..." ars esan, "nithean nach creideadh troichean mar sib'  fhèin... Longan-ionnsaigh fànais nan teine bhàrr gualainn an t-Sealgair Mhòir. Cho deàrrsach ri maignèisiam..."
     An ceann mòmaid, tha e marbh. Cho eireachdail ri aingeal air tuiteam. Aingeal a chunnaic glòir anns na speuran. Siod calman geal, a bh'aige na dhòrn, ag èiridh air iteig san dìl-uisg. Calman geal os cionn uisge. Samhlachas Crìosdail a-rithist. Agus siod againn cuideachd na seann cheistean gan togail às ùr: Cò as a thàinig sinn? Càite bheil sinn a' dol? Dè as ciall dhuinn?