samedi, octobre 31, 2009

Glòir sa mhadainn.



Dh'fhosgail mi mo shùilean an-diugh sa mhadainn. A' bheithe gheal ud taobh thall a' ghàrraidh. Ga soillseachadh leis a' ghrèin.  Duilleach buidhe an fhoghair mar òr air chrith. Dhùisg mo chridhe os-tìmeil. Glòir. Tha glòir os cionn gach nì. Glòir nach gabh cur an cèill. Glòir nach gabh goid bhuainn. Glòir naomh shèimh neo-chrìochnach:
    "Chan eil càil san t-saoghal ri seachnadh ach am peacadh fhèin. Is e strì aoibhneach a th'anns a' chogadh an aghaidh an dorchadais a tha an Crìosdaidh a' sabaid ann an cumhachd Dhè sa bheatha seo ann an tìm. Chan ann a-mhàin airson a shlàinte fhèin, ach airson na cruitheachd gu lèir, air nach gabh sinn gràin, ach air a bheil gràdh againn air sgàth Chrìosd. Cha bu chòir fuath a bhith againn air càil san t-saoghal seo, ach air a' pheacadh fhèin. 
     Chan urrainn do chàil nar saoghal neo-dhiadhaidh a bhith air chall ann an Crìosd. Chan eil pàirt sam bith dhen fhànas, chan eil beatha thìmeil sam bith, chan eil gluasad tìmeil no lùths tìmeil sam bith, chan eil cumhachd, gliocas, bòidhchead, gaol, creideamh no ceartas tìmeil sam bith, air as urrainn dhan pheacadh sealbh a ghabhail mar nì a bhuineas dha fhèin as aonais Chrìosd. 
     ...Is ann taing do ghràs choitchinn Dhè ann an Crìosd gu bheil comasan air fhàgail fhathast san t-saoghal thìmeil a chur an aghaidh neart nan eileamaidean a chaidh leigeil ma sgaoil. Gu bheil e comasach fhathast a bhith comhrag an aghaidh galaran, an aghaidh eucailean inntinn, gu bhith cleachdadh smaoin loidsigich, gu bhith sàbhaladh cultar bho bhith dol fodha ann an dearg bhuirbe, gu bhith leasachach cainnt is cànain, gu bhith teasairginn structaran a' chonaltraidh, gu bhith cur an aghaidh mì-cheartais, agus mar sin air adhart. Is e toradh obair Chrìosd a th'anns a h-uile rud a tha seo, fiù mas tàinig E dhan talamh. Bho thùs tha Dia air a bhith sealltainn air A chruitheachd leagte ann an solas an t-Slànaighir." (Herman Dooyeweerd, "Sgrùdadh Ùr air an Smaoin Theoiriceil" Vol II, td 34)