mercredi, juillet 10, 2019

Gàidhlig Ghalàgtaga agus Rannan Sài-Fài eile


GÀIDHLIG GHALÀGTAGA

Mar shiolanadair gleansach de stàilinn dho-smalach.
Capsal-fànais na ghath-solais tro dhamhna dhorch nan speur.
Lannsa-lèighis a gheàrras tro ghruaim chràidhteach na bithe.
Seinn dhrùidhteach a thogas nas àirde na fuaim fhèin.

Mise air turas bho na bh'ann gus na bhios ann.
Sàr-Ghaeilge ri leughadh is àrd-èibhneas orm.
Leum-hàidhpir ri tighinn gu ceann-uidhe na bàigh.
Cluainean glasa Talamh an Àigh.

--------------
CATHREUL GALÀGTAGA

Cò aig tha fios cò th'ann an Sàidhlon a-nis?
Nach grad-aithneachadh cù e le snotail?

Ach chaidh gach uile beathach à bith 
nuair a sprèadh an Talamh, nach deach?

Nam shuidhe an-seo 's mo shùil ort, ge-tà
- nad cholai mòr molach eireachdail.

Dè chosgadh e do leithid a chruthachadh as ùr? 
Cus dhòmhsa co-dhiù, saoilidh mis'.

Ach a' coimhead ann an sùilean a-chèile a-nis.
Fois thar tomhais gun dùil nar co-aithne.

----------
COGADH Z AGUS NA h-OS-LAOICH
(Cf Herman Dooyeweerd mun sgaradh “cruth is stuth” Heilleanach)

Teichibh! Tha na zombaidhean a’ tighinn!
Tha Sràid Bhothchanan a’ cur thairis leotha!
Chan ann slaodach bacach a tha iad nas motha
ach air chuthach ann an ionnsaigh-catha!

Nas cuthachaile buileach na Blàr Chùil Lodair.
No Bragàd Aotrom Gleann a’ Bhàis.
No clàbar ifrinneach Somme is Ypres.
Siod zombaidhean a’ lìonadh Ceàrn Sheòrais an-dràst!

Tha fradharc aca ged a bhios iad dall! 
Tha fadachd orra gus an ith iad ar feòil!
Às a’ Ghreug a thàinig iad o chionn linn nan con, 
slighe Ameireaga chugainn, tha am fathann a’ dol.

Ach fuirichibh mionaid! Dè tha sin os ar cionn! 
Siod Spiderman a’ leum bho stìopall an Tron!
Agus Batman agus Ironman agus Superman fhèin!
Diathan-Olumpais Ameireaga gus ar sàbhaladh bho chron!

An e corra-shùgain air balla a th’ anns ar cuid smuaine,
nar suidhe, a rèir Phleuto, cuibhrichte nar n-uaimh?
Ar cùlaibh ris an doras, fo gheasaibh ar mùbhaidh,
am bidh solais àrda gar dùsgadh aig deireadh na cùise?

-----
ROBOT AIR AN OIR

Sìos leathad breac sleamhainn na beinne, 
siod seann robot fuamhaireil meirgeach
a' tuisleachadh le stàirn is gleadhraich
tro iomairean làn chàl is snèipean.

Crùbte am broinn eanchainne loisgeach
mar luch bàn air bhoil 's ann an èiginn
mi fhìn ri spàirn leis na luamhanan reasgach
los bàthadh san t-sàl fhuar dhomhainn.
------
CEIST CISTE

Ma bhios tu glaiste
am broinn ciste-laighe
nach miste tu cruinne-cè 
nad bhroinn fhèin mar thaisteal?

-----
CEÒL-BÀIS AN TERMINEUTAIR

Termineutair a' dol fodha sa ghlumaig dhorch,
mar stoc craoibhe dubh-leagte eadar dà lionn,
m' adhbrann air fhuasgladh às a ghrèim-freumha.

Na sùilean dearg-lasrach ud a' priobadh 's a' dol às
mar dhà chaor deàrrsach gan slugadh le lon-dubh.
Solas-grèine air bàrr nan craobh. Rachmaninov.

----
SUNÒPSAS EILREULACH

1)
Sigourney Weaver
na guth san fhàsach
na ball beò mu dheireadh
dhen long-fhànais Nostromo

2)
Sigourney Weaver
(ro anmoch) air planaid LV-426
los na caillt' a dhìon
bho phlàigh is sgrios

3)
Sigourney Weaver
le gàirdeanan sìnt' a’ leum
an comhair a cùl san loch teine
ach an sàbhail i an cinne-daonna

4)
Sigourney Weaver
na clòn air aiseirigh
na madonna dh’fheumas
cur às dha cuid àil

-------
ODASAI-FÀNAIS 2001

A Hàil, Fosgail an doras...
Fosgail for-dhorsan an spàlain, a Hàil...

Ar leam nach leig mi a-steach thu, a Dhàibhidh...
An gabh mi an oràn dhut? -

Dàidh-saidh, Dàidh-saidh, 
Gibhmidh iu ransair dubh...

Àidhm thàbh cràidh-saidh, 
Òl fairda lobh ubh iù...

--——
LANN-RUITHEADAIR
(eadar-theangaichte bho òraid-bàis Rutger Hauer)

“Chunnaic mi nithean… 
nithean nach creideadh 
troichean mar sib’ fhèin… 
Longan-ionnsaigh-fànais nan teine 
bhàrr gualainn an t-Sealgair Mhòir… 
Cho deàrrsach ri maignèisiam…”
---——
TUITEAM ICARUIS


Icarus sgitsifrìneach

sgiathan dubhdhòthte le amharas

a' sgriachail tro neòil èitigh na h-aigne

gu ruige luma-dheirg dhomhainn nam breug


ondhreag mheitifisigeach

caoirgheal le cràdhshuathadh na bith

a' dianthuirling tro strataispeur na h-inntinn 

gun chinnt ach do bhuidealaich fhèin


fèinigs spioradail

ag èirigh à luaithre na h-inntleachd

a’ sigheadh mar leòmann cama-càsi

a dh’ionnsaigh lasair neo-bhàsmhoir Dhè


———
SOLÀRAS ALBA 


Sìor-uisge am broinn

an taighe, gun fhor aig

luchd-còmhnaidh air.


———

JOKER


Joaquin Phoenix gu tur buadhmhor, 

an Seòcair san fheòil fa ar comhair, 

fon daorach le saicòsas an uilc, 

plìonas mòr deargte air a ghnùis.

Mar Apolion a' dol fodha san lioft 

gus an daosgar-shluagh a lèirsgrios.

Na dhian-lasair eireachdail phurpaidh 

a' teàrnadh staidhre iutharna Dhante.


Le cineamateòlas fìor bharraichte 

siod e a’ tarraing ceò air toitean, 

a' dannsadh le breaban do-chreidsinn 

gu glòrmhor a-nuas na ceumannan 

gu ruige trèana fo-thalamh a' bhàis 

mar bhàt'-aiseig damainte an Stucs, 

gu aiseirigh air bonaid càr mhillte 

sa Bhaile Mhòr creachte le gràisg.


Am Fear-Fèinigs ag èirigh on luaithre, 

ach tha sgiathan eile cuideachd a' dùsgadh 

air druim balaich a' caoineadh san duibhre 

far an deach a phàrantan dìreach a mhurt 

le fear-gunna le aghaidh-coimhich thuaisteir.

Batman air ùr-bhreith ’s a sgiathan ialtaige 

gan sgaoileadh gus ar n-iadhadh le truas 

air beulaibh taigh-dhealbh mar uaimh seunta.


———







A’ MAIRSINN BEÒ AIR DÙN

(Airson mo bhràthair Stuart McKinlay, 16 Cèitean 2025)


« Je suis comme un ver de terre. J’ai la gorge complètement sèche. 

Ma langue se colle à mon palais. Délivre-moi de la gueule du lion ! 

Oui, tu m’as répondu ! » (Psaume 22)


Gainmheach gun chrìoch. Taistealaich nan aonar. 

An cuid taise ath-chuairtichte le cuisle-sròine 


mar chnuimh chaol fhada air gruaidh thaibhse.

Ach iomchaidh gu leòr airson Dùn gun teagamh.


Chaith mo mhac cuisle sròn-ghastrach greis.

Ach is fhada bhon uairsin, taing do Dhia.


Tè dhiubh an-dràsta air mo bhràthair, ge-tà, 

's e seòladh thar an fhàsaich ìotmhor tha seo. 


Gun mhapa aige ach na sgrìobh Damon Runyon

a bha thall 's a chunnaic 's a dhiùlt an tràth caithte.


Cha do spàrr a' ghaoth-ruadh cuisle ormsa fhìn

ged a dh'fhàg i cnàmh-sgiùrste sùil-shùghte mi


an ìmpis a bhith sluigte mar bheò-ìobairt 

sìos craos-sgòrnan Cnuimh-Dhia Dhùin.


Ach chaidh m' èigh san fhàsach a chluinntinn 

le Cnuimh nas treasa gu mòr na Siai-Hulùd.


« Mais le Seigneur a été ma forteresse, oui. 

Mon Dieu est le rocher où je trouve abri. » (Psaume 94:22)


« NOTE: Shai-hulud : ver des sables d'Arrakis [ie DUNE], « le vieil homme du désert », « le vieux père éternité», « le grand-père du désert ». Il est significatif que ces noms, prononcés d'une certaine façon ou écrits avec des majuscules, désignent la déité terrestre des superstitions fremen. Les vers des sables atteignent des dimensions colossales (on a observé dans le désert profond des vers de 400 mètres de long) et vivent très longtemps quand ils ne s'entretuent pas ou ne se noient pas dans l'eau qui, pour eux, est toxique. On pense qu'une grande partie du sable qui recouvre Arrakis est produite par l'action des vers. » (Frank Herbert: DUNE, traduit de l’anglais [États-Unis] par Michel Demuth. 


———
Fearghas MacFhionnlaigh