vendredi, décembre 05, 2014

Iompaireachd na Radch

Iompaireachd na Radch
Air Cuan Dubh Drilseach (An Dùbhlachd 5, 2014)

Rinneadh gàirdeachas mòr ris a’ chiad nobhail le Ann Leckie, Ancillary Justice, nuair a thàinig i a-mach an clò an-uiridh. Bha Ancillary Justice gu h-iongantach soirbheachail. Choisinn an nobhail na trì duaisean a bu mhotha ann am ficsean-saidheans ann an 2014: Duais Hugo, Duais Nebula agus Duais Arthur C. Clarke, agus a bharrachd air càileachd an sgrìobhaidh innte, rinneadh mòran iomraidh air a’ choltas eadar Ancillary Justice agus an t-opra-fàinis aig Iain M. Banks. Dhùisg an coimeas ri Banks m’ aire gu sònraichte, agus nuair a thàinig an darna nobhail aig Leckie a-mach o chionn greis, Ancillary Sword, ghabh mi an cothrom an dà nobhail a leughadh, tè mu sheachd.

Leugh an t-alt slàn
_________________________