vendredi, novembre 28, 2014

Ian Rankin: Taghadh de Sgeulachdan Inspeactair Rebus



Fiosrachadh bho chùlaibh an leabhair:
     
Thàinig an taghadh seo de sgeulachdan eucoir Ian Rankin às na cruinnichidhean aige A GOOD HANGING (1992) agus BEGGARS BANQUET (2002). Clàradh, Mallachd Dean, A’ faicinn Rudan, Auld Lang Syne agus Club nam Fear-uasal – agus Freagairt Ceàrr, Balla-ciùil, Uinneag a’ Chothruim, Bitheamaid Geanach agus Thadhail Cuideigin air Eddie. Ann an naoi de na sgeulachdan tha rannsachadh le Inspeactair John Rebus. An aon sgeulachd anns nach eil Rebus ’s e ‘Thadhail Cuideigin air Eddie’. A rèir Ian Rankin, tha an sgeulachd sin mu mhodh-obrach nam poileas: “Tha murtair innte, chaidh cuideigin a mhurt agus tha car san deireadh.”

Tha Tormod MacGill-Eain ainmeil fad is farsaing mar-thà na sgrìobhadair ealanta ann am Beurla is ann an Gàidhlig. ’S e fianais ùr nodha air a bhuadhan a tha san eadar-theangachadh seo air obair sgrìobhadair barraichte eile. A thuilleadh air sin fhuair e coingheall o Ruaraidh Mac an t-Saoir, duine òg a tha an geall air an aon cheann-uidhe ris fhèin a ruigheachd. Tha a’ Ghàidhlig aca dìleas do bhrìgh na Beurla bheothail aig Ian Rankin: fad na h-ùine a’ seachnadh cruth doilleir. Tha Tormod MacGill-Eain gu mòr ri mholadh; dà chànan a tha cho eadar-dhealaichte is a tha a’ Beurla is a’ Ghàidhlig agus an tionndadh cho soirbheachail. Tha sinn uile fada na chomain (Iain MacAonghais)
____________________________________