jeudi, juin 28, 2012

An Fhìrinn Mhaiseach: Smaointean air litreachadh na Gàidhlig

An Fhìrinn Mhaiseach:
Smaointean air litreachadh na Gàidhlig
Fearghas MacFhionnlaigh

Bu chòir cumail air chuimhne nach e gnàth-fhaclair a tha seo idir ach oidhirp air liosta feallsanachail (agus, gu ìre nas lugha, saidheansail is ealaineach) a chur air chois. Tha fhios gu bheil briathran anns a' Ghàidhlig a tha nas nàdarra agus nas dualchasaiche na an fheadhainn air an liosta (mar as trice co-dhiù). Ach a-thaobh còmhraidh fheallsanachail feumar pongalachd shònraichte. Faodaidh sinn aon eisimpleir a thogail bhon fhaclair ùr "Teach Yourself" (2004). Fa chomhair an fhacail Beurla "aesthetic" tha dà fhacal Gàidhlig air an toirt dhuinn - "tarraingeach" agus "maiseach". Nise, ma tha sinn airson "aesthetic truth" a chantainn anns a' Ghàidhlig, agus ma sgrìobhas sinn "fìrinn tharraingeach" no "fìrinn mhaiseach", bidh an leughadair a' smaointinn gur ann a-mach air "fìrinn a tha brèagha" a tha sinn, seach "fìrinn a tha buntainn ri aesthetics". Dè thàinig fa-near dhut fhèin nuair a leugh thu tiotal an aiste seo?

Cuimhnicheamaid cuideachd cho doirbh 's a tha e a bhith cumail ris na riaghailtean-litreachaidh traidiseanta a bhuineas ris na connragan 
"d","t", agus "s" nuair a bhios faclan air iasad bhon Ghreugais, bhon Laidinn, agus bhon Bheurla fo cheist. Chìthear seo ma ghabhas sinn sgrìob tron fhaclair "Teach Yourself". Tachraidh sinn air briseadh riaghailtean (mar gum biodh) ann an eisimpleirean mar "deamocrasaidh", "deic", "deit" ("date" ann am Beurla!), "deucon", "poilitigeach", "rèidio", "seantans", "sinc", "siolandair", "teicnigeach", "teileasgop", "telebhisean", "tì" (an deoch), "ticead/tiogaid", "tidsear", agus "tìgear". Cha ghabh na faclan ud an sgrìobhadh idir a rèir riaghailtean traidiseanta na Gàidhlig.

Tha duilgheadas dha-rìribh againn mar an ceudna le faclan feallsanachail. Gabh mar eisimpleir, "thesis", "antithesis" agus "synthesis". Dè an t-eadar-theangachadh agus dè an litreachadh as iomchaidh? Tha e air leth doirbh riaghailtean na Gàidhlig a leantainn an seo. Rinn mi m' oidhirp fhìn air, ach tha mi ag aithneachadh gu bheil a' chùis fo cheist fhathast. Bha sùil gu mòr agam air sàr-obair Iain Mhic Gilleathain na eadar-theangachadh 
"Odusseia Homair" (Gairm, 1976). Is e an cleachdadh aige a bhith tar-litreachadh "Y" sa Ghreugais le "U" sa Ghàidhlig. Tha sin a' toirt dhuinn eisimpleirean mar "Odusseus" airson "Odysseus", "Calupso" airson "Calypso","Olumpos" airson "Olympos", "Poluphemos" airson Polyphemos", "Cuclòpach" airson "Cyclops", "Stucs" airson "Styx" etc. A' leantainn air an t-seòl seo, thàinig mi an àirde le"hupòtasas" airson "hypothesis", agus "suntasas" airson "synthesis". Is e prìomh-bhuannachd nam faclan seo gun gabh an leudachach gu furasda, mar eisimpleir "hupòtasaich","suntasaich" ("hypothesize", synthesize"), "hupòtasach" (hypothetical") etc. Cha robh mi cho cinnteach idir asam fhèin a thaobh "antasas" ("antithesis") no gu h-àraid a thaobh dè a dhèanainn le "thesis". Cha robh mi cofhurtail le "tasas", agus air a' cheann thall roghnaich mi"buntasas". Thug sin dhomh sreath de fhaclan a bha (nam bheachdsa fhìn!) sìmplidh agus snog agus sùbailte: "buntasas""antasas""suntasas","hupòtasas". Is e tha dhìth oirnn ach mòr-fhaclair oifigeil "acadamhach" gus cuideachadh a thoirt dhuinn ann an cùisean casta mar seo. Chan eil a leithid air fàire fhathast , cho fad's a chì mise co-dhiù. Tha fadachd orm a' feitheamh. Ach tha am Faclair ùr "Teach Yourself " feumail, gun teagamh.

Is e rud a churas dragh mòr orm a-thaobh litreachadh na Gàidhlig, na h-uimhir de litrichean sàmhach a dh'fheumas sinn sgrìobhadh. An lùib a' chleachdaidh seo tha faclan gu tric nas fhaide na dh'fheumas iad a bhith (nam bheachdsa), agus nas doirbh a leughadh. A bharrachd air seo, ar leam gu bheil claonadh ann, nuair a tha facal ùr ga "chùinneadh", a bhith gabhail ri briathar fada ged a bha (is dòcha) cruth nas cruinne ri làimh. Ann am Faclair "Teach Yourself", bha mi toilichte fhaicinn nach robh 
"th" gun fhuaim gun fheum aig deireadh an fhacail "sgì" (Beurla "ski"). Dh'fhaodadh e bhith gu robh an giorrad sona seo ann dìreach gus co-ionannas ris an fhacal "sgìth" (= "claoidhte") a sheachnadh. Ach tha seo a' dearbhadh nach eil "th" aig deireadh facail cho riatanach sin! Agus mur eil e riatanach sa chùis seo, carson a bheil e riatanach ann an àite sam bith, ach air sgàth traidisein? A-thaobh facail dhualchasaich, is dòcha gu robh uair ann a bha "t" no "d" air earball, gus an deach na fuaimean cruaidhe sin a shèimheachadh (le "h"). Ach ma tha facal ùr fo cheist - "deamocrasaidh", can, chan eil eachdraidh sam bith aig a' bhriathar a tha seo sa Ghàidhlig. Tha sinn a nis a' cleachdadh nan litrichean "aidh" ann an dòigh "neo-riaghailteach" (= "arbitrary" a rèir Faclair TY!) gus fuaim sìmplidh ("sìmpli") a chur an cèill, is e sin am fuaim "i"!  Ach ma ghabhas sinn am facal beag ud "tì" air na thachair sinn shuas, agus ma churas sinn "aidh" an àite "ì" (is e sin,"taidh"), nach neònach dha-rìribh e gum bi e nis a' dèanamh comhardadh ri fuaim "tie" no "pie" ann am Beurla (faic, mar eisimpleir, am facal grànda ud "baidhsagal" - "rèisichean mhotar-bhaidhseagalan". Abair cainnt chruinn!). Mar sin, gabhaidh "deamocrasaidh" fhuaimneachadh a cheart cho math mar "democrasAYE! "(Sluagh-ghairm math airson luchd-Beurla na h-Alba, nach e?). Agus ma nì sinn oidhirp am facal "idea" a litreachadh a rèir riaghailtean nam faclairean ùra, dè bhios againn? - "aidhdaidhea", is dòcha? Ach tha an fhuaimreag dheireannach "a" ud a' coimhead cho aonaranach, nach eil? Saoil nach bu chòir "dh" a chur as a dèidh (mar a nì cuid le "Ameireagaidh"? - Agus, san dol seachad, saoil a bheil "deamocrasaidh" ann an "Ameireagaidh" fhathast?). Mar sin, a bheil an litreachadh as iomchaidh sa Ghàidhlig airson "idea", "aidhdaidheadh"? Neo an e dearg "iodaidheasaidh" a tha sin? Mo thruaighe dha na sgoilearan òga Gàidhlig aig a bheil "diosleacsaidheadh"! Tha bàta beag Sheumais a' dol fodha ann an cuan de litrichean gun fheum, agus tha an cala(dh) air chall ann an ceò.

Ma tha 
"th" no "dh" a-dhìth air deireadh"tì" agus "ìbhri", tha faclan beaga dualchasach ann mar "bi""ri' etc, gun luaidh air ainmean mar "Màiri", as an aonais cuideachd. Ged a tha an stoidhle-litreachaidh stèite a-nis, tha "deamocrasaidh" a' briseadh riaghailt cheana aig a thoiseach leis an "de" a tha siod. Carson nach briseamaid "riaghailt" aig ceann eile an fhacail air sgàth sìmplidheachd (sìmpliachd"? sìmpliac"? - Ah! Tha diochuimhne ort air "mac", "bac", "sac", agus "cac", nach eil?) Dh'fhàsadh ar sùilean cleachte ri "deamocrasi", "poileasi" etc gun strì, saoilidh mi. Agus mar a tha deagh fhios againn, "an nìth ath chìth nath big, nìth nath big"...

Ach a' tilleadh dhan fhacal 
"aesthetics" a bha siodDè dha-rìribh a nì sinn le facal Beurla mar seo ma tha sinn airson dreach Gàidhlig a chur air? Dè an litreachadh as fheàrr? Chan eil am facal fhèin anns an fhaclair "Teach Yourself" , ach gheibhear còig modailean na bhroinn a dh'fhaodas a bhith nan cuideachadh dhuinn, gu ìre co-dhiù. Is e sin, "poileataigs""poilitigs" le "s" deireannach, agus "matamataig", "fiosaig"(= "physics") agus "daineamaig" (= "dynamics"), uile gun "s" deireannach. Bheireadh seo dhuinn cruthan mar "aesteataigs", "aestetigs", no"aestetig". Ach chan eil "ae" ann an Gàidhlig na h-Alba (ged a thig dham chuimhne na faclan aonaranach ud "gasaet" agus "casaet"). Is dòcha gu bheil e nas ciallmhor dhuinn, ma-tà, a bhith toirt sùil air litreachadh Beurla Ameireaganach seach Sasannach sa chùis seo(!) - is e sin"esthetics". Mar sin is e "estètig" am facal Gàidhlig as giorra a gheibh sinn. Ach chan eil sin a' coimhead ceart, canaidh cuid. Mar fhreagairt, chanainnsa nach eil dà "t" an fhacail "estètig"diofraichte bhon "t" san fhacal "poilitigeach", no anns an t-sreath de fhaclan ùra eile a leugh sinn shuas ("deit", "teigniceach" etc). A bheil? Ach, is dòcha gur e deagh Ghaidheal a th' annad a dh'fhàsas mi-fhoisneach mur eil dlùth-choille de litrichean air do bheulaibh! Is dòcha gur ann coltach ri Bàta Nòah a tha a' chùis dhutsa - cha mhòr nach fheum a-dhà dhen a h-uile seòrsa a bhith ann (agus seachd de corra ghnè!) - caol ri caol agus leathan ri leathan - fuaimreagan dùbailte agus connragan dùbailte - ged nach eil aig a'  mhorchuid dhe na connragan dubailte ud càil a ràdh dhaib fhèin idir. Is dòcha gum biodh tu fada nas cofhurtaile le "eastèataigs" (dèan coimeas air "steatasgopairson "stethoscopeann am faclair TY). No fiù "easteataigeachd". Siod againn facal a riarachadh am "piùrist"! (Agus dh'fhaodadh faclan taiceil mar "neo-easteataigeachdail" a bhith againn (= "unaesthetical")! Ach dè mu dhèidhinn "co-rèiteachadh" a dhèanamh? ("co-rèiteachadh" "compromise", a rèir faclair TY. Bha an cruth "co-rèite" ro ghoirid, tha mi 'n dùil). Co-dhiù no co-dheth, bhiodh "eastètig" na cho-rèiteachadh eadar "estètig"  agus "easteataig". Agus dè mu dhèidhinn co-rèiteachadh eile? - faodaidh Gàidheil a tha fuireach ann am Breatainn "eastètig" a sgrìobhadh, agus Gàidheil a tha fuireach ann an Ameireaga "estètig" a sgrìobhadh. Bhon a thogadh mi-fhìn ann an Canada bi cead agam mar seo "estètig" a chleachdadh. Gus an dèan am poileas-litreachaidh gnogadh sgairteil air mo dhoras (leth-bhodhar 's a tha mi fàs) madainn air choireigin aig leth uair as dèidh ceithir  -
 
"GNOG! GNOG!
"CÒ TH'ANN?" 
"GOC!" 
"GOC CÒ?" 
"GOC AGUS MAGOC!" 
"DOG AGUS MAD DOG?" 
"COP MATH 'S COP DONA!" 
"COPACABANA? THA SIBH AIR AN T-SRÀID CHEÀRR!""GOC AGUS GOC A-DHÀ!"

Bhriseadh an doras. Bhriseadh an gleoc. Le beòil fo chop nochd GOC 's an dara GOC. Sgleog no dhà. Slacan air claigeann, agus sùilean fo sgleò. GOC a' gleac rium air an làr 's gam chur fo smachd. GOC A-DHÀ a' glacadh m' Apple Mac bochd 's ga thogail na uchd.
"Thugainn, ma-thà!"
"Ach dè rinn mi?" 

"Bhris thu na riaghailtean, a bhalaich! Bhris thu na riaghailtean neo-riaghailteach!
Rinn thu t'fhaclan ro ghoirid, a pheasain! Tha cuid dhiubh a tha fada FADA ro ghoirid!
Tha thu air do litir mu dheireadh a dhubhadh às a-nise!
Tha mi'n dùil gun toir am britheamh dhut, mar a chanas iad sa Bheurla, 'a long sentence'!
Agus is math an airidh! "


**********
EIPEALOG
Agus facal dhutsa a tha nad Chrìosdaidh. An tàinig e a-steach ort riamh gum bu chòir dhut ùrnaigh a dhèanamh ach am bi na faclan agus an litreachadh as iomchaidh air an cleachdadh airson na Gàidhlig? Ciamar a ghabhas an fhìrinn a chur an cèill gu soilleir ma tha briathrachas agus litreachadh ar cànan easbhaidheach, mi-phongail, no dùmhail mar ghàrradh air dìochuimhne? "Cia maiseach air na slèibhtean casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe; teachdaire an deagh sgeòil, a tha ag èigheach slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as rìgh ann!" (Isaiah52:7). Is sgiamhach na casan do bhrìgh gur maiseach an Fhìrinn. Agus mas maiseach an Fhìrinn, nach sgiamhach mar an ceudna an cànan a churas an cèill an Fhìrinn? Agus mur eil sinn fo bhuaidh Gnòstachais, tuigidh sinn gur ann leis an Rìgh a tha a' Ghàidhlig cuideachd. Agus gu bheil sinn nar stiùbhardan air a' chànan seo as leth an Rìgh.

"Mo labrad,
rop tú molas cen mannrad:
a Athair cacha baíde,
cluin mo laíde is mo labrad." (Gun urra, 12mh linn)
(Mo labhradh,
gum mol e Thu gun amaladh:
a Athair gach bàidhe,
cluinn mo laoidh is mo labhradh)