dimanche, novembre 14, 2010

Sarfati Refutes Dawkins/ Freagairt Sarfati ri Dawkins

Chìthear gu soilleir bhon iomadach post air "Gobha-uisge ri Plubraich" a tha buntainn ri smaoin Dooyeweerd gu bheil mi fo chomain mòr aig an t-sàr-fheallsanach seo. Tha mi air beartas thar tomhais a lorg na chuid sgrìobhaidhean. A dh'aindeoin sin, feumaidh mi aideachadh gu bheil duilgheadas agam (mar a tha aig mòran) le sealladh Dooyeweerd a-thaobh inbhe teacs lom an Sgriobtair. 

An cois seo tha mi a' gabhail rathad eile bho Dooyeweerd air ceist mìneachadh caibideilean-fosglaidh Genesis. "Cruitheachdaiche" a th'annam. Fri-Dharwiniche. Chan e gu bheil e ceart idir a ràdh gu robh Dooyeweerd fhèin leagte ri èabhlaideas mar fhìrinn. Chunnaic e duilgheadasan ann. Chunnaic e an lùghdachas a th'ann. Tha mi smaointinn nach robh e air co-dhùnadh deireannach a dhèanamh mun chùis. Ach air an làimh eile cha do thuig e sgeul-fosglaidh Genesis mar rud a thachair ann an tìm. B'e tachartas "os-tìmeil" (no "ro-thìmeil") a bh'ann. Sgeul fìor, ach sin ann an seagh creidimh. 

Air mo shonsa dheth, tha mise faireachdainn gun d'fhulaing smaoin Dooyeweerd (agus fiù Van Til gu ìre) ri linn dìth chuideachaidh bho bhith-eòlaichean Crìosdaidh an là-san. Nar là fhèin, ge-tà, le gràs Dhè, tha sìor fhàs ann an àireamh an luchd-saidheins Crìosdaidh a tha comasach (agus treun) gu leòr gus fianais làidir a thoirt seachad a dhearbhas nach eil san nua-Dharwineas ach saidheans-brèige. Tha Jonathan Sarfati nam measg, agus tha mi toilichte an leabhar as ùire aige, leabhar a fhreagras argamaidean Richard Dawkins, a mholadh dhan mhòr-shluagh.
________
Bua glan ag an eolaíocht. Molann "Gobha-uisge ri Plubraich" gan chuntar bréagnú údarásach Jonathan Sarfati ar na hargóintí is láidre ag Richard Dawkins ar son Darwineachais.
________
The science wins. "Gobha-uisge ri Plubraich" whole-heartedly recommends Jonathan Sarfati's soundly authoritative rebuttal of Richard Dawkins' strongest case for Darwinism.